ʼS eun tearc agus ann an cunnairt a tha sa traon (Beurla corncrake; Laideann Crex crex). Tha e aʼ briodadh sa Roinn Eòrpa agus air taobh an iar Àisia, agus aʼ gluasad gu Afraga nuair a bhios geamhradh sa leth-chruinne mu thuath.
Chaidh 1,059 dhiubh a chunntadh ann an Albainn ann an 2016, an coimeas ri 1,069 ann an 2015, agus ri 1,289 ann an 2014 - an àireamh a bu mhotha ann an 45 bliadhna. B’ ann an Tiriodh, far an deach 346 eun a chunntadh ann an 2016, a bha an àireamh a bu mhotha.[1]
ʼS eun tearc agus ann an cunnairt a tha sa traon (Beurla corncrake; Laideann Crex crex). Tha e aʼ briodadh sa Roinn Eòrpa agus air taobh an iar Àisia, agus aʼ gluasad gu Afraga nuair a bhios geamhradh sa leth-chruinne mu thuath.
Chaidh 1,059 dhiubh a chunntadh ann an Albainn ann an 2016, an coimeas ri 1,069 ann an 2015, agus ri 1,289 ann an 2014 - an àireamh a bu mhotha ann an 45 bliadhna. B’ ann an Tiriodh, far an deach 346 eun a chunntadh ann an 2016, a bha an àireamh a bu mhotha.